AN T-SIATHAMH BLIADHNA DE THAIC CALMAC AIRSON FÈIS GHÀIDHLIG
Tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn air ainmeachadh gu bheil iad a’ cumail suas am prìomh thaic malairteach don Mhòd Nàiseanta Rìoghail airson an t-siathamh bliadhna leantainneach aig Mòd 2007 ann an Lochabair. Thèid am Mòd, prìomh fhèis chulturail Gàidhlig na h-Alba, air adhart ann an Lochabair eadar 12 agus 20 Dàmhair agus tha luchd-eagrachaidh air leth toilichte gun chum iad taic bho Chalmac airson tachartas na bliadhna seo.
Thuirt Calum Iain MacLeòid, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich a bhios os cionn eagrachadh an fhèis naoi-latha bhliadhnail “’Se fìor dheagh naidheachd a tha seo a-rithist airson a’ Mhòd. Le Calmac an sàs mar phrìomh bhuidheann-taic malairteach a’ Mhòid, tha seo na fhìor bhuannachd don Mhòd agus tha e a’ dearbhadh mar a tha Calmac a’ cumail suas an taic do leasachadh agus fàs cànan agus cultar na Gàidhlig air feadh Oirthir an Iar, a’ Ghàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba”
Thug Calmac, aig a bheil mòran de luchd-obrach a bhruidhneas a’ Ghàidhlig agus a bhios a’ gabhail pàirt gu cunbhalach anns a’ Mhòd Nàiseanta agus ann am Mòdan Ionadail air feadh na h-Alba, taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail an toiseach nuair a chaidh a chumail anns a’ Leargaidh Ghallda ann an 2002.
Thuirt Lawrie Mac na Cèardaich Manaidsear Stiùiridh Chaledonian Mhic a’ Bhriuthainn “Tha e na thoileachas do ChalMac gu bheil ceanglaichean fad-ùine aca leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a tha ainmeil mar aon de na prìomh thachartasan culturail as cliùitiche ann an Alba. Is e fìor thachartas cudromach a th’anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail do Chaledonian Mac a’ Bhriuthainn mar chompanaidh agus do dh’ ioma neach-obrach air feadh an lìonra againn a bhios a’ gabhail pàirt ann an diofar dhòighean mar fharpaisich no nan luchd-cuideachaidh. Tha taic don Ghàidhlig agus do fhèisean culturail leithid a’ Mhòd nam prìomh amasan sa phlana Gàidhlig againn a dh’fhoillsich sinn o chionn ghoirid agus cuideachd mar phàirt den ro-innleachd margaideach againn agus tha sinn air leth toilichte a bhith nar prìomh bhuidheann-taic malairteach don Mhòd Nàiseanta Rìoghail”
Tha taic Chalmac do Mhòd 2007 cuideachd a’ toirt a-steach taic leantainneach do na Mòdan Ionadail a bhios a’ dol air adhart eadar a’ Chèitean agus an t-Sultain. Chuir Iain MacFhionghuin, Neach-gairm Mòd Ionadail Mhuile fàilte air taic Chalmac. Thuirt e “Tha timcheall air 20 Mòdan Ionadail a’ dol air adhart ann an Alba gach bliadhna agus tha iad uile air an eagrachadh le luchd-cuideachaidh saor-thoileach a dh’fheumas obair chruaidh a deanamh airson taic riatanach fhaotainn dhaibh. Tha taic bho bhuidheann leithid Calmac air leth feumail agus bheir seo misneachd do na h-oidhirpean a tha a’ dol air adhart aig ìre coimhearsnachd gus a bhith a’ brosnachadh agus a’ leasachadh na Gàidhlig tro na Mòdan Ionadail”
Bìdh Mòd 2007 na phrìomh thachartas culturail Gàidhlig am measg nan cuirmean a tha a’ comharrachadh Bliadhna Chultar Gàidhealach na h-Alba agus bheir e a-steach prògram làn de dh’ fharpaisean agus thachartasan no-fhoirmeile no-fharpaiseach gach cuid do luchd-tadhail agus do dh’fharpaisich fad na naoi làithean a bhios am Mòd a’ dol air adhart.
Deireadh
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Ùisdean D MacIllinnein (01475 650100) no gu Calum Iain MacLeòid (01851 703487)
SIXTH YEAR OF CALMAC SUPPORT FOR GAELIC FESTIVAL
Caledonian MacBrayne has announced that it is to continue as the main commercial supporter of the Royal National Mod for a sixth consecutive year at Mod 2007 in Lochaber. The Mod, Scotland’s premier Gaelic cultural festival, will take place in Lochaber from 12th to 20th October and organisers are delighted to have retained the support of Calmac for this year’s event.
Calum Iain MacLeod, Chief Executive of An Comunn Gàidhealach which oversees the organisation of the annual, nine-day festival said “This is great news once again for the Mod. To have Calmac involvement as the main commercial supporter of the Mod is great for the event and confirms the continuing commitment that Calmac has to supporting the development and growth of the Gaelic language and culture across the West Coast and Highlands and Islands of Scotland”
Calmac, many of whose employees are Gaelic speakers and who participate regularly at the National Mod and at many of the Provincial Mods throughout Scotland, first supported the Royal National Mod when it was held in Largs in 2002.
Lawrie Sinclair, Managing Director of Caledonian MacBrayne said “CalMac is delighted to continue its long association with the Royal National Mod which is one of Scotland's foremost cultural events. The Royal National Mod is a very important event for Caledonian MacBrayne as a company and for many of our staff throughout the network who take part in different ways either as competitors or in supporting roles. Support for Gaelic language and cultural festivals such as the Mod are key components of our Gaelic Plan which we published recently and also as part of our marketing strategy and we are delighted to once again be the main commercial supporters of the Royal National Mod”
The support from Calmac for Mod 2007 will also see continued support for the Provincial Mods which take place from May to September. Iain Mackinnon Chairman of Mull Provincial Mod welcomed the support from Calmac. He said “There are something like 20 Provincial Mods staged in Scotland each year and each one is run by volunteers who have to work hard to raise the necessary funding. The support of an organisation like Calmac is very welcome and will be a boost to the efforts of those working at community level to promote and develop Gaelic through the Local Mods”
Mod 2007 will feature as the main Gaelic cultural event during the Scottish Year of Highland Culture celebrations and will see a packed programme of competitive and informal, non-competitive events and activities for visitors and competitors alike during the nine days of the Mod.
Ends
For further information contact Hugh Dan MacLennan (01475 650100) or Calum Iain MacLeod (01851 703487)